Skip to main content

‹‹‹ prev (245)

(247) next ›››

(246)
238
chiontaich air son duthaich an uamhais ! Bithidh aig
caithe-beatha mi-naomh, crìoch thruagh : " Cha sealbh-
aich iadsan a ni an leithide sin rioghachd Dhe mar oigh-
reachd, Gal. v. 21. Smuainichibh air so, sibhse mhuinn-
tir gun urnuigh, sibhse luchd-fanoid air diadhachd, sibhse
luchd-mallachaidh agus mionnachaidh, sibhse luchd na
neo-ghloine, agus a dhaoine eucorach, aig nach 'eil urrad
do bheusan na mhodhalachd as a chumas sibh o bhreugan, o
mhealltaireachd agus o ghadachd ! Ciod an seorsa craoibhe
a shaoileas sibh i bhi air am bheil na measan sin a' fàs ?
An craobh fireantachd i, a shuidhich an Tighearna ? No
nach craobh i, a ta fàsachadh an talmhainn, a spionas Dia
a nios gu connadh do theine fheirge ? (4.) Tha bhi marbh
ann am peacadh, gu'r deanamh iomchuidh air a bhi air
bhur filleadh suas ann an lasraichean pronnuisc, mar ann
an eudach mairbh ; agus gu bhi air bhur n-adhlacadh ann
an slochd gun iochdar, mar ann au uaigh. Bu mhòr an
èigh a bha san Eiphit, 'nuair a bha cheud-ghin anns na h-
uile teaghlach marbh ; ach nach iomadh teaghlach, sam
bheil iad gu lèir marbh ? Ni h-eadh, tha moran a tha " dà
uair marbh, air an spìonadh as am freumhaibh ! Bha iad
uair èigin d'am beatha air an dusgadh le grabhan bàis
agus na tha 'na dheigh, ach tha iad a nis co fad air an
slighe gu tìr an dorchadais, as gur gann a tha'n leus is lugha
aca do sholus o nèamh. (5.) Tha dorchadas bhur n-inn-
tinn 'na roimh-chomhara air dorchadas sìorruidh ! an
t-aineolas uamhasach fuidh 'm bheil cuid do dhaoine 'nan
luidhe mar fuidh phlaighibh ! am feadh a ta cuid eile a f huair
beagan do dhearsa solus-maidne 'nan cinu, tur-f halamh do
sholus spioradail 'nan cridheachan ! 'Nam b' aithne dhuibh
bhur staid, ghlaodhadh sibh a mach, Och, dorchadas !
dorchadas, dorchadas, a ta deanamh rathaid air son duibh-
re an dorchadais gu siorruidh ! Tha'n comhdach-aghaidh
oirbh cheana mar mhuinntir a ta fuidh bhinn bàis ; 's co
fagus as sin a ta sibh do dhorchadas sìorruidh ! Is e losa
Griosd a mhain a 's urrainn stad a chur air a' bhinn
bhi air a cur an gniomh, an neapaicean a spìonadh o
aghaidh a' chiontaich dhìte, agus maitheanas a chur 'na
laimh, Isa. xxv. 7. " Agus sgriosaidh e air a' bheinn so an
comhdach a chomhdaich aghaidh nan uile shluagh." Is e
BÌn, comhdach-aghaidh a ta comhdachadh nan aingidh, mar
ann an cor Haman, Ester vii. 8. " An uair a chaidh an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence