Skip to main content

‹‹‹ prev (240)

(242) next ›››

(241)
233
Cha 'n 'eil am beachd sin ceart : Cha'n urrainn do d' neo-
chomas-sa d'fhusgladh o n dleasnas a ta lagh Dhè a cean-
gal ort ; agus tha ni's lugha do chron ann thu dheanamh
do dhleasnais, no a ta ann an dìchuimhn a dheanamh air.
Ach tha eadar-dhealachadh eadar dleasnas a dhì-chuimh-
neachadh, agus a bhi 'ga dheanamh mar a ta thusa dean-
amh. 'Nuair a bheir duine ordugh do chlachairean tigh
a thogail : ma ni iad tur dhìchuimhn air an obair, cha
ghabhar ris sin : ma thoisich iad air togail air an t-seann
steidh ghrod, cha mhò a thoilicheas sin : ach is èigin doibh
an t-seann steidh a thoirt air falbh, agus togail air bunait
dhaingean, Imich thusa agus dean mar sin. Aig an àm
cheudna, cha ni diomhain dhuitse, eadhon dhuitse, an
Tighearn iarraidh : oir ged nach 'eil speis aige dhuit, feud-
aidh e gidheadh speis a bhi aige d'a ordugh fèin agus maith
a dheanamh dhuit, mar a thubhradh roimlie.
San dara àite, As eugmhais ath-ghineamhuin, cha 'n 'eil
co-chomuun ri Dia. Tha cuideachd air an talamh aig am
bheil an "commun ris an Athair, agus ris a Mhac losa
Criosd," 1 Eoini. 3. Ach as a' chuideachd sin tha na h-
uile a ta neo-iompaichte air an dùnadh a mach ; oir tha
iad uile 'nan naimhde do Dhia, mar a chuala sibh gu fars-
uinn roimhe. " A nis am feud dithis imeachd le cheile mur
bi iad reidh?" Amos iii. 3. Tha iad uile mi-naomha :
agus ''ciod an co-chomunn a ta aig solus ri dorchadas, no
aig Criosd ri Belial ?" 2 Cor. vi. 14, 15. Feudaidh dath
agus coslas na naomhachd a bhi aca, ach tha iad 'nan
coigrich do fhior-naomhachd ; agus uime sin tha iad gun
Dia anns an t-saoghal ! Cia bronach an staid so, a bhi dol
mu thimchioU dleasnais dhiadhaidh, ach gun cho-chomunn
ri Dia annta ! Cha bhiodh sibh toilichte le 'ur biadh, mur
beathaicheadh e sibh ; no le 'ur n-eudaichean mur cumadh
iad blath sibh : Agus cionnus a dh'fheudas sibh sibh fèin
a thoileachadh le 'ur dleasnais, f had 's nach 'eil iad eifeachd-
ach gu co-chomunn a thabhairt duibh ri Dia ?
San treas àite, Feumaidh tu bhi air t-ath-ghineamhuin
mu 'm bi thu comasach air nèamh a mhealtuinn. Cha
teid neach do neamh ach iadsan a ta air an deanamh iom-
chuidh air a shon, Col. i. 12. Mar a bha e ann an team-
puU Sholaimh, 1 Righ vi. 7. Mar sin tha e anns an team-
pull a's airde ; "tha e air a thogail do chlachaibh air an cum-
adh mu 'n toirear d' a ionnsuidh iad," eadhon do chlach-
u3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence