Skip to main content

‹‹‹ prev (237)

(239) next ›››

(238)
230
nach 'oil air 'ur breith a rìs. Is eigin domh innseadh
dhuibh anu am briathraibh ar Tighearn agus Slanuigh-
ir, (agus gu 'n labhradh e iad ri 'r cridheachan.) Is
èigin duibh a bhi air 'ur breith a rìs, Eoin iii. 7. Agus a
chum dearbhadh a thoirt duibh, thugaibh fa'near na nithe
a leanas.
Air tùs, Feumaidh tu bhi air t-ath-ghineamhuin mu'm
bi thu comasach air ni sara bith a dheanamh, a ta da rìreadh
maith agus taitneach do Dhia. Am feadh 'sa ta sibh gun
a bhi air 'ur breith a rìs, cha 'n 'eil 'uur n-oibre a's fearr
ach peacaidhean fo dhath sgiamhach : Oir ged f heud iad
a bhi maith annta fèin, tha iad gu tur air am miUeadh 'nau
deanamh. Thugaibh fa'near. (1.) As eugmhais ath-
ghineamhuin uach 'eil creidimh : agus " as eugmhais creid-
imh nach 'eil e comasach Dia a thoileachadh," Eabh. ix. 6.
Is e creidimh gniomh beo an anama ta air a nuadh-bhreith.
Air do 'n t-SoisgeuIaiche, bhi nochdadh na h-aoidheachdan
fa leth a fhuair ar Tighearn losa o mhuinntir fa leth,
cuid a' gabhail ris, cuid 'ga dhiùltadh, tha e comharrach-
adh a mach gràs na h-ath-ghineamhuin, mar f hìor aobhar
an eadar-dhealachaidh sin, as eugmhais nach gabhadh aon
neach gu. bràth ris. Tha e ag innseadh dhuinn, gu'm b'
iad a mheud 'sa ghabh ris, iadsan a bh' air " an gineamhuin
Dhia, " Eoin i. II. Feudaidh daoine neo-iompaichte dan-
adas a bhi aca ; ach creidimh fior cha 'n urrainu dhoibh a
bhi aca. Tha creidimh 'na lus nach fas ann am machair
nàduir. Mar nach urrainn a' chraobh fàs a dh' easbh-
aidh freumh, cha mhò is urrainn do dhuine creidsinn a dh'
easbhuidh an naduir nuadh, d' am bheil ceud-thoiseachadh
a' chreidimh 'na earrann. (2.) As eugmhais ath-ghin-
eamhuin, tha oibre duiue 'nan oibre marbh. Mar a tha 'n
fhreumh, mar sin is eigin do'n toradh a bhi : Ma tha 'n
cliabh lobhta, bithidh an anail breun : agus esan, a ta air
a chuid is fearr marbh ann am peacadh ; cha bhi 'oibre air
a chuid is fearr, ach 'nan oibre marbh : " Dhoibhsan a ta
salach agus mi-chreideach, cha 'n 'eil aon ni glan air dhoibh
bhi graincil, agus cas-umhal, agus a thaobli deadh oibre as
ongmhais tuir.se," Tit. i. 15, 16. Ge do b' urrainn dhuinn
a radh mu dhuinc, gu bhoil e ni's neo-chiontaiche 'na
(;haithe-beatha no neach sam bith eile san t-saoghal ; gu
blieil e claoidh a chuirp le trasgadh, gu 'n d' rinn e 'ghluin-
ibli mar adhaircean, lo gnàth-urnuigh : ach nach 'eil e air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence