Skip to main content

‹‹‹ prev (234)

(236) next ›››

(235)
227
robh na naoimh air an saruchadh. Bha lob air a bhuair-
eadh gu toibheum ; b' e so an ni mor a bha 'n rùn an
diabhuil, a thaobh cor an naoimh mhoir sin, lob i. 11.
" Mallaichidh e thu as an eudan." Caib. ii. 9. "Mallaich
Dia agus faigh bàs." Bha Asaph air a buaireadh gu
smuaineachadh gu 'm bu diomhain a bhi diadhaidh, agus
b' ionnan sin agus gach uile choslas diadhachd a thilgeadh
air falbh, Salm Ixxiii. 13. " Da rireadh gu diomhain ghlan
mi mo chridhe." Seadh, bha Criosd fèin air a bhuaireadh
gu e fèin a thilgeadh sios o bhinnein an teampuill, agus gu
aoradh a dheanamh do'n diabhul, Mat. iv. 6. 9. Agus bha
moran do chloiun Dhè, cha 'n e mhain air an feuchainn,
ach mar an ceudna gheill iad do bhuairidhean mor, car uair.
Dh' àicheadh Peadair Criosd, agus mhionnaich agus mhall-
uich e nach b' aithne dha e, Marc. xiv. 71. 'Nuair a bha
Pol 'na fhear geur-leanmhuinn, cho-eignich e na naoimh
gu toibheum a labhairt, Gniomh. xxvi. 10, 11. Is urrainn
mòran do na naoimh o 'm fisorachadh^bronach teisteas a
thabhairt air buairidhean uamhasach, a chuir buaireas air
an spioraid, a thug air am feoil criothnachadh, agus a rinn
an cuirp tinn ! Ni saiglidean teinnteach Shatain obair uamh-
asach ! agus costaidh e mor-shaothair am bathadh ; eadhon
le gnathachadh beothail a dheanamh do sgiath a' chreidimh,
Eph. vi. 10. Bheir e air uairibh ionnsuidhean co laidir, as
nach robh neach riamh ni bu mhò air a chur thuige, ann an
ruith a auU agus a nall gun stad, a mhuchadh aithinte
teine, a ta gun sgur air an tilgeadh d'a thigh le nàrahaid, air
am bheil a rùn an tigh a losgadh mu thimchioll ; no tha'n
naomh bochd buairte, air a bhi cur an aghaidh saighdean
an diabhuil. Ach na saighdean sin, na buairidhean uamh-
asach sin, ged tha iad 'nan trioblaid eagalach, ch'n iad
peacadh na muinntir a ta air am buaireadh, mur geill iad
dhoibh le aontachadh rin. Bithidh iad air an cur as leth a'
bhuaireadair a mhain, mur aontaichear leo ; agus cha mhò
chuirear as leth na muinntir a ta air am buaireadh iad,
na ni leanabh diolain, a bhi air fhàgail aig dorus an
duine neo-chiontaich, cionta a shuidheachadh airsan.
Ach, ged nach urrainn Ministeir no Criosduidh dìomhair
gus au teid thu, innseadh dhuit mu aon neach a bha ann
ad staidse, gidheadh cha bu chòir dhuit a bhi smuain-
eachadh gu bheil do chor-sa gun choimeas, no idir do
dhochas a leigeadh dhiot : oir cha'n f heudar a smuain-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence