Skip to main content

‹‹‹ prev (216)

(218) next ›››

(217)
209
tha iad ag imlich aa uisge as an àmhainn Nilus, air eagal
nan Crocodil a ta innte.
Saji àite mu dheireadh, Tha'n t-atharrachadh so a' deal-
radh a mach ann an coimhlionadh dhleasdanais na diadhachd.
Esan a bha caitheadh a bheatha ann an dichuimhn orra, cha
dean e mar sin tuiUeadh, ma thainig gràs Dhè aon uair d'a
chridhe. Ma tha duine air ùr-bhreith, iarraidh e bainne
fior-ghlan an fhocail, 1 Phead. ii. 2. Co luath 'sa tha 'n
neach gun urnuigh a' faotainn spioraid a' ghràis, bithidh e
ann 'na spioraid ath-chuinge, Sech. xii. 1 0. Tha e co nadurra
do'n neach a ta air a bhreith a rìs toiseachadh air urnuigh,
as a tha e do'n leanabh a ta air ùr-bhreith buaiadh air ràn-
aich, Gniomh. ix. 11. " Feuch, a ta e ri uruuigh !" Bithidh a
chridhe 'na theampull do Dhia, agus a thigh 'na h-eaglais.
Tha 'n t-aoradh a bha roimhe eutrom agus foirmeil a nis
spioradail agus beothail ; do bhrìgh gu'n do bheanadh ris a'
chridhe agus ris an teanga le eibhle bheò o nèamh ; agus cha
ghabh e fois ann an coimhlionadh a dhleasdanais a mhain, mar
aon curamach gu obair a chur seachad ; ach tha e anns na
h-uile dleasdanas, ag iarraidh comuinn ri Dia ann an Criosd :
'gam meas gu ceart mar mheadhona air an comharrachadh
le Dia chum na crìche sin, agus tha e meas gu'n do chaiU
e shaothair, mur ruig e air sin. An fhad so mu nadur
ha h-ath-ghineamhuin.
AN COSLAS A TA EADAR GINEAMHUIN NADURRA
AGUS SPIORADAIL.
II. Tha mi air teachd gu nochdadh c' ar son a deirear
ris an atharrachadh so ath-ghineamhuin, a bhi air ar breith
a rìs. A deirear so ris, a chionn a' choslais a ta eadar gin-
eamhuin nadurra agus gineamhuin spioradail : a ta co-
sheasamh anns na nithe fa leth so leanas.
Air tùs, Tha gineamhuin nadurra 'na ni diomhair ! agus
mar sin tha gineamhuin spioradail, Eoin iii. 8. " Tha
ghaoth a' seideadh far an aill leatha, agus tha thu cluinn-
tinn a fuaim, ach cha 'n 'eil f hios agad cia as a tha i teachd,
no c' ait a tha i dol : is ann mar sin a tha gach neach a
tha air a bhreith o'n Spiorad." Tha obair an Spioraid air
a mothachadh, ach tha a rathad oibreachaidh 'na diorahair-
eachd nach urrainn dhuinn a thuigsinn, Tha solus nuadh
air a leigeadh a steach do'n inntinn, agus tha'n toil air a
nuadhachadh ; ach cionnus tha 'n solus air a chur a steach
s3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence