Skip to main content

‹‹‹ prev (246)

(248) next ›››

(247)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 233
Dh' aithn' t-a dreach air an spucabh,
Gu roibh bruaidlein 's an mhissr.
Tha mhisg deonai 'n a nadur,
Lomlan morchuis, is ardain;
Lomlan bòsd agus sparaig,
Anns gach cas air an tig;
Tha i tuair shreapach, fiadhaich,
Tha i murtai 'n a h-iarbhail ;
Tha i dustach, droch-nialach,
Lan do dh'f hiabhras, 's do thriugh.
Gu'm bi fear dhiu 'n a shineadh ;
Gu'm bi fear 'n a chuis-mhio-loinn ;
Le aithisean lionor;
'S iad am maoidheadh na 'm pluic';
Tha i tuaireapach foilleil ;
lomad uair an droch oilein ;
'S gun do dh'fhuasgladh fa dheireadh,
Ach 's i bu choireach a mhisg.
CARAID.
Mo ghaol an cleasaiche hithor,
Fear gun cheasad gun chuna;
Fear gun cheiltinn air cuinneadh,
'N am bhi dluthachadh ris :
Bheireadh thachd as a mhuigein ;
Dheanadh gealtair do 'n diumhlach;
Dheanadh dàn' am fear diuidi,
Chum a chuis a dhol leis :
Fear a's fear a's tigh ost' u;
Fear a's urbhailtich orain;
Fear nach fuilgear 'n a onar,
Ach a bhòilich 's an driop ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence