Skip to main content

‹‹‹ prev (210)

(212) next ›››

(211)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 197
Gur h-aluinn an marcaich,
Air each an glaic diolaid u,
Stu cumail do phearsainn,
Ann an cleachdadh mar dh' iarrainn duit,
Thigeadh sud ann ad laimhse,
Lann spainteach ghorm dhias fhada,
Is pathair mhaith phiostal,
Air chrios nam hall sniamhanach.
Hi il u il agus o,
Hi il ho ri nan,
Hi il u il agus 0,
Hi il o ho ri nan,
Hi il u il agus 0,
Hi il ho ri nan,
Fa lil hu lil o,
Ho ri gheallaidh hi il an.
OEAN DO BHLAR NA H-EAGLAISE BRICE.
LE DONNACHADH BAN.
Air fonn — " Alasdair a Gleanna-Garadh.''
Latha dhuinn air machair Alba,
Na bha dh'armailt aig a chuigse,
Thachair iad oirnne n^ reubail,
'S bu neo-eibhinn leinn a chuideachd ;
'Nuair a chuir iad an ratreut oirnn,
'S iad 'nar deigh a los ar murtadh,
'S mur deanamaid feum le'r casan,
Cha thug sinne srad le'r musgan.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence