Skip to main content

‹‹‹ prev (187)

(189) next ›››

(188)
172 COMHCHRUINNEACHA DO
Nuair dh' eiris clann Domhnuill,
Na leoghuinn tha garg,
Nam beo bhethir mhor leathann,
Chonnsponach gharbh ;
Luchd sheasadh na corach,
Ga 'n ordagh Lamh-dhearg,
Mo dhoigh gu'm bu ghorach,
Dhoibh toiseachadh oirbh.
Tha Rothaich a's Eosaich gle dh' eonach,
Air teachd nar cean,
Barraich an treas seorsa,
Tha 'n comhnuidh a measg nan gall :
Clann Donachaidh cha bhreug so,
Gu'n eireadh leibh ann sgach am,
Muir sin is clann Reabhair,
Fir ghleasda nach eisd bhi annt.
CLann Naba au seorsa,
Theid boidheach fo 'n triall,
'S glan comhdach a chomhlain,
Luchd leonadh nam fìadh,
lad fein a's chxnn Pharlain ;
Dream ardanach dhian,
'S ann a b' abhaist gar 'n airibh,
Bhi m' fabhar shiol chuinn.
Na Leodaich am por ghan,
Cha b' fholach n'ar siol,
Dream rioghail gun fhotas,
Na 'n gorsaid 's na 'n sgiath,
Gur neart-mhor ro eolach,
'Ur 'n oig-f hir 's 'ur liath,
Gur e cruadal 'ur dualchas,
A dh' fhuasgail oirbh riamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence