Skip to main content

‹‹‹ prev (172)

(174) next ›››

(173)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 157
Nam faighinn an dràst do chàramh daingean,
An àite faluich o'n eug;
Ge d' thigeadh e d' dhàil, as m' f hàgail falamh
Cha b' àill leam bean eil' a'd' dheigh :
Cha toir mi gu bràth dhuit dranndan teallaich,
Mu'n ardaich aileag do chlèibh,
Ach rogha' gach màrrain, gràdh as furan,
Cho-bla' 'sa b'urrain mo bheul.
Dheanainn duit ceann, as crann, as t-earrach,
An àm chur ghearran an èill,
Is dheanainn mar chàch air tràigh na mara,
Chur àird air mealladh an èisg;
Mharbhainn duit geoidh, as ròin, as eala,
'S na h-eoin air bharra nan geug,
'S cha bhi thu ri d' bheo gun seòl air aran,
'S mi chomhnuidh far am bi fèidh.
LE NIGHEAN ALASTAIR RUAIDH DO
SHIR TORAMAID MACLEOID.
GuR muladach tha mi,
'S mi gun mhire gun mhànran,
Ann sa'n talladh 'm bu ghnà le MacLeoid.
Gur muladach, &c.
Tigh mor macnasach mea' rach,
Na macaimh 's na maighdeann,
Far 'm bu tartarach gleadhraich na'n còrn.
Tigh mor, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence