Skip to main content

‹‹‹ prev (156)

(158) next ›››

(157)
dh'or.un thaghta ghaidhealach. Ul
'S ann mun raadli ais-rigli dh'fhas na cuairteagan
Cluthor, cuaicheanach, cuannar, àrd,
A h-uile cluanag 's am bàrr air luasgadh,
'S a ghaoth gan sguabadh a nunn 's a nall:
Bun na cipe, a's barr a mhilltich,
A chuiseag dhireach, 's an fhiteag cham;
Muran briògh'ar, 's an grunnusg lionmhor
Mu'n chuilidh dhiomhair am bi na suinn.
Tha sliabh na làirig an robh Mac-Bhaidi
Na mhothar fasaich, 'sna stràchda trom ;
Slios na ban-leachduinn, cha'n i's tàire,
Gur tric a dh'àraich i'n lan-damh donn ;
'S na h-aighean dàra nach d'theid a'n bhà-thigh,
A bhios le'n àlach gu h-àrd 'nan grunn,
'S na laoigh gu h-ùiseil a là 'sa dh' oidhche,
'S na h-urrad cruinn diubh air druim clach-fionn.
Do leachda chaoineil gu dearcach, braoileagach,
Breac le feireagaibh 's cruinn dearg ceann ;
An creamh na chaithrichibh am bac nan stairichean,
Stacan fraoineasach nach bu ghann :
Am bearnan-brìde, 'sa pheighinn rioghail,
'San canach min-gheal, 's am mislean ann ;
'S a h-uile mir dheth o'n bhun is ìsle
Gu h-ionad cirean na crich is àird.
'S riomhach còta na craige mòire,
'S cha 'n 'eil am fòlach ad chòir san àm,
Ach meunan còinich, o's e bu nòsaire,
Air a chòmhdachadh os, a's thall :
Na lagain chòmhnard am bun nan srònag,
Am bi na sòghraichean, 's neònain fann,
Gu bileach, feornaineach, milis, ròineagach.
Molach, ròmach, gach seors' a th' ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence