Skip to main content

‹‹‹ prev (151)

(153) next ›››

(152)
13G COMHCHRUINNEACHA DO
Tlia 'n Coir' air dol am fàillin,
Ged' ithear thun a bhlàir e,
Gun duin' aig am beil càs deth
Mun àit ann san àm;
Na feidh a bh' ann air fhàgail,
Cha d' fhuirich gin air àruinn,
'S cha 'neil an àite-tamha
Mar bha e sa' ghleann.
Tha 'm Baran air a sharach',
Is dh'artlaich air an tàladh,
Gun sgil aig air an nàdur
Ged' thainig e ann :
B' f hearr dha bhi mar b' abhaist,
Os ceann an t-soithich chàtha,
'Sa lamhan a bhi làn d'i,
Ga fasiiadh cru teann.
Se mùghadh air an t-saoghal
An coire laghach gaolach,
A dhol anis air faoin-tragh,
'S am maor a theachd ann :
'S gur h-e bu chleachdadh riamh dhut,
Bhi trusa nan cearc biata,
Gur tric a rinn iad siathnail,
Le piannadh do h'imh.
Is iad na 'm baidnibh riabhach,
Mu-amliaich 's ann ad' sgiathan,
Bhiodh itealaich a's sgiabail
Mu fhiachan san àm:
Bu ghiobach thu ri riaghailt,
Mu cliidsin taighe 'n iarla,
Gar nach b'e do mhiann
Bhi cuir bhian air an stàing.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence