Skip to main content

‹‹‹ prev (140)

(142) next ›››

(141)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 125
Le dithean glan, ruiteach,
Breac, misleanach, sultmhor:
Tha 'n f hridh air a busgadh
San trusgan bu choir dh'i.
URLAR,
'S am monadh farsuinn faoin
Glacach, sronagach ;
Lag a' Choire-f hraoich
Cuid bu blioiche dheth;
Sin am fearann caoin
Air an d'fhàs an aoidh,
Far am bi na laoigh
'S na daimh chrocach ;
A's e deisearach ri grein,
Seasgaireachd g'a rèir,
'S neo-bheag air an èildeig
Bhi chomhnaidh ann,
'S glan fallain a crè,
Is banail i 'na beus ;
Cha robh h-anail breun,
Ge b'e phogadh i.
'S e 'n coire choisinn gaol
A h-uil' òganaich,
A chunna' riamh a thaobh,
'S a ghabh eòlas air :
'S lionmhor feadan caol
Air an eirich gaoth,
Far am bi na haoich
Cumail codhalachj
Bruthaichean nan learg
Far am biodh greidh dhearg,
Ceann-uighe gach sealg
Fad am beò-shlainnt':

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence