Skip to main content

‹‹‹ prev (103)

(105) next ›››

(104)
88 COMHCHRUINNEACHA DO
Gu 'm paighinn daor gu t-f hagail saor,
Mu 'n leiginn t-fhaodann' nàrach',
Air beuhx cuirt murfhasan ùr,
'S nach robh e 'n rùn do naduir,
Cha n' eil mi 'n dùigh thu dhol na 'n luib,
Mur d' tliig a chuibhle cearr oirnn,
'S ma chumas airgiod thù o chìs,
Gu 'n seas mi f hìn a' t-aite.
Gur fad a rachainn ann ad leithsgeul,
Gu do sheasadh chùiteach,
'S ghabhaiun uile orm an seisein,
Gu d' leith-trom a ghiìihan,
'S ged chumadh iad mi ann gun hasadh,
Gus 'n atadh mo shuilean,
Mur diobair ceartas mi, cha 'n fhaicear,
Choidhch thu ac' fo mhuisig.
A Eigh na 'n dul ! nach mi bha 's tu,
Dol fo na siùil a dh' Eirinn,
Na thir eile 's faide uainn,
Nach d' ruig air suaimhneas fheutainn,
'S truagh nach fhaicinnse bhi seoladh,
A's sinn air bord le cheile,
Gun duil a choidhch thigh'n air ar 'n eolas,
Gus 'n Eoinn Eorp na dheigh sin.
Ach cia mur 's urrainn domh bhi beo,
'S cho mor sa thug mi spcis duit?
Na cia mur dh' f haodas mi bhi stoilte.
'S mi gun choir air t-fheutainn'?
Ged fhaighinn airgiod na Eoinn Eorpa,
Agus òr na h-Euphaid,
Cha churaadh e suas mi mionaid uaire,
'S tu bhi uam gun sgeul ort.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence