Skip to main content

‹‹‹ prev (101)

(103) next ›››

(102)
SO COMHCHRUINNEACHA DO
'S mor eucoir 'n luchd ordiiigh,
An fhuil ud a dhortadh le foill;
Mo sheachd mallachd a Mhoir-f hear Deorsa,
Fhuair e 'n hath' ud air ordugh dha fein;
Bha 'n da chuid air a mheoiribh,
Moran glogan gun trocair le foiU;
Mheall e sinne le chomhra',
'S gu 'n robh ar barail ro mhor air r'a linn.
Ach fhad 'sa 's beo sinn r'ar latha,
Bidh sinn caoidh na ceathairn chaidh dhinn,
Na fir threubhach bha sgairteil,
Dheanadh feum le claidhe 's le sgiath ;
Mur biodh siontain n' ar n' aghai,
Bha sinn shios air ar n' aghairt gu dian,
'S bhiodh luchd beurla na 'n luidhe,
Ton thair cheann, b'e sud m' aidhear 's mo mhiann.
Och na 'n och ! 's mi fo sprochd,
'S mi 'n so ag osnaich leam fein,
'G amharc reismeid an Rosaich,
'G ithe fèur agus cruineachd an fhuinn;
Reothaich iargalt a's Cataich,
Tighin a nall oirnn le luchd chasag a's lonn,
lad mur mhiolchoin air acras,
Siu1;)hal chrioch, cliarn chhich, agus tholl.
Mo chreach dutliaich air an d' thainig,
Rinn sibh nis clar reidh dh'i cho lom,
Gun choirce gun glmaiseach,
Gun siol taght' ann am fasach na 'm fonn,
Pris na circ air an spardan,
Gu ruig a's na spàinean thoirt uainn,
Ach sgrios na craoibhe f a bhatli oirbh,
Air a crionadh f 'a barr gu a bonu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence