Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
dh'orain thaghta ghaidhealach. 33
Mas a fleasgach lan boch tliu,
Taghi do stochd 's do nith gluasaid,
Tagh da reir sin do leannan,
Mu 'n d' theid i tharad an uabhar,
Mas aiU leat bhi socair,
Thoir bean a toiseach na tuatha,
Gur h-ioma fear chaidh a mhealladh,
Le dol an lann-fhuil na 'n uaislean 's le ara-mach.
Tagh aobhrach mna tighe,
Bhios gu mathasach suairce,
Thogas laogh agus gamhuin,
'S ni crodh a's aighean a chuallach ;
Ma bhios 'n da cheaird air a lamhan,
Nar a lughaid ort uair i,
Mu ni i gu ro mhath,
Nigheadh, dreasadh, a's fuaitheal, a's grinneas bhan.
Faigh deas i na pearsa,
Air a cleachdainn ri fuaradh,
'Sa bhios eolach air deisir,
'Sa sheasas air tuathair;
'S mu ni i gu ro mhath,
Greidheadh cartadh a's buain duit,
Bidh tochar do mhnatha,
Tigh 'n gach lath' air do bhuailidh le cinneas math.
Gluais gu siobhalta farasd,
'S dean do mhalairt measg tuatha,
'S bi geur-shuileach ad sheallamh,
Air gach caileig mu 'n cuairt duit,
'S feuch an dean thu deagh aithne,
Mu 'n tarruing thu suas r' i,
Gur h-eunag ur ghlan i,
Nach tilgear breamas na tuaileas ort as a leith.
C

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence