Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
26 COMHCHRinNNEACHA DO
'S ioma neach a fhuair coir uaibh,
Anii sann àm ud le'r gòraich,
Ban diu Eothaich 's Eòsaich,
Mac-Choinnich 's Diùc Gordon,
Mac-'Illeain o Dreolain 's Mac-Aoidh.
Be do shuaicheantas taitneach,
Long, 's leoghan, 's bradan,
Air chuan liobhara an aigeil,
A chraobh f higeis gun ghaiseadh,
A chuireadh fion di le pailteas,
Lamh dhearg ro na ghaisgeach nam tìm.
Nuair bu sgith de kichd-theud e,
Gheibhte Bioball ga leughadh,
Le fior chreideamh a's cèille,
Mar a dh' orduich mac Dhè dhuibh,
S gheibhte teagasg na Clèir' uaibh le sìth.
Mhic Shir Sheumas nam bratach,
O bhun Sleiblite nam bradan,
A ghlac an f heile 's a mhaise,
cheann cèile do leajia,
Cum do reite air a casan,
Bi gu reusanta, macanta, mìn.
Sliochd na mìlidh 's nam fearabh,
Na sròl 's nam pios 's nan cup geala,
Thogadh sioda ri crannaibh,
Nuair bu rioglial an tarruinn,
Bhiodh pìob rimheach nam mealLan da seinn.
Gum bu slàn 's gum a h-iomlan,
Gach ni tha mi g-iomradh,
Do theagldach rìgh-Fionghall,
Oighre dliglieach Dhùn-Tuilm thu
Olar deoch air do chuihn gun bhi sgì.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence