Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
16 COMHCHRUINNEACHA DO
A Rigli flieartaich na grèine
Tha'n caithir na fèile, dean sìth,
Ei cloinn an fhir a bha centach,
Nach bu choltach ri fèile-fir chrion;
'N uair a thogta leat bratach,
Croinn chaoLa, fraoch daite, agus piob,
Bhiodh mnài ghaoil, le fuaim bhos
A' caoi laoich nan arm sgaiteach san strì.
Gun robh aigne duin uasail
Aig a bhail' agus uaithe a' d' chòir,
Cha b' i ghèire gun tuigse
Bha sa bheul bu neo-thuisliche glòir;
Ceann na ceill a's na cuideachd
Rinn na-h-eacoraich cuspair de t'-f heoil :
Cha b' e 'm breugair a mhurtadh
Le luchd-shèideadh nam pkiicean air stòl.
Ach fear mor bu mhath cumadh,
Bu neo-sgàthach an curaidh gun ghiomh,
Cha robh barr aig mac duine ort
Ann an àilleachd, 's an uirigleadh cinn :
Anns a bhlàr bu mhath t-fhuireach
Chosna hirach, a's urram do'n righ ;
Mo sgread chràiteach am fulachd.
A bha 's tigh chlàraidh 'n robh furan nam pìos.
Cha robh do chridhe mar dhreagon
Tarruing slighe na li-eacoir a'-d' chùis,
'S tu le d' chloidheamh ag èiridh
As leth t-athar 's righ Seumas a chrùin :
'Taid an Albuinn 's an Eirinn,
Luchd a thathaich, 'sa rèiteach do chìiis ;
Bi'dh la eile ga dheuchainn
'S tus' ad hiidh an cist' anns an ùir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence