Skip to main content

‹‹‹ prev (194)

(196) next ›››

(195)
GHAIDHEALACH. 175
MAC OG AN lARLA RUAIDH.
Seisd. — Hìllinn, ìllinn, iìi ho-rò,
HìUinn, ìllinn, iù horò,
Hìllinn, ìUinn, iù ho-rò,
Hìllinn iu-ò, hug oro ì.
"Cha teid mise chaoidh de m' dheòin
Gu mac òg an larla Ruaidh,
Gus an cuir a' bheinn ud shios
Culaobh ris a' bheinn ud shuas.
"Cha tèid mise chaoidh de m' dheòin
Gu mac òg an larla Ruaidh,
Gus an dean an eala bhàn
Nead gu h-àrd air bharr nan stuadh.
"Cha tèid mise chaoidh de m' dhe^^in
Gu mac òg an larla Ruaidh."
Gus an cuir am bradan breac
Trì chuir mhear an crò nan uan."
Thog a muime thall a ceann —
" 'S gorach leam do chainnt, a luaidh
Bheir thu gaol roimh Fheill-an-ròid
Do mhac òg an larla Ruaidh.
"Cainnt nan og-bhean tha mar dhruclid
A ni grian a shughadh suas ;
M'an tig Samhain bidh tu pòsd'
Aig mac òg an larla Ruaidh."
A' bheinn ud shuas 's a' bheinn ud shios.
Cha do charaich riabh 's cha ghluais,
Ach thug Mairi gaol gun ghò
Do mhac òg an larla Ruaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence