Skip to main content

‹‹‹ prev (186)

(188) next ›››

(187)
GHAIDHEALAGH.
167
'S cha dean, etc.
'S beag an t-ioghnadh dhomh fèin sud,
'S nii an dèigh mo luchd-tighe.
'S beag an t-ioghnadh, etc.
'S mi'm shuidhe 'n so 'm ònar
Air còmhnard an rathaid.
GED THA MI GUN CHRODH GUN AIGHEAN.
Seisd — Ged tha mi gun chrodh gun aighean,
Gun chrodh-laoigh gun chaoraich agam ;
Ged tha mi gun chrodh gun aighean,
Gheobh mi fhathast òigear grinn.
Fhir a dh' imicheas thar chuantan,
Giùlain mìle beannachd uamsa,
Dh' ionnsaidh òigear a' chuil dualaich,
Ged nach d'fhuair mi e dhomh fhìn.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
Fhir a dh' imicheas am bealach,
Giìilain uamsa mile beannachd ;
'S faod's tu innseadh do mo leannan,
Gu'm beil mi'm laidhe 'so leam fhìn.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
Fhleasgaich thàinig nall a Suaineart,
Bu tu fhèin an sàr dhuin'-uasal ;
Gheobhainn cadal leat gun chluasaig,
Air cho fuar 's g' am biodh an oidhch'.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
Ged nach 'eil mo sprèidh air lòintean
Mo chrodh no mo chaoraich bhòidheach,
Bheirinn tochar dhuit an òrdugh,
Cho math ri te òig 's an tir,
Ged tha mi gun chrodh, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence