Skip to main content

‹‹‹ prev (179)

(181) next ›››

(180)
ORAIN.
Chuiiinn e dh'ionnsaidh a' Mhàidseir,
A tharraing nan giomach an t-Sàilein ;
B' flieàrr e na'n t-each ruadh aig Da'idh,
No'n làir bhàn aig Sand//.
'S e mo laochan, etc.
Ach na'm faighinn-se chur dhachaidh
Còmhl' ri poii// Acha-rainiclr,
Bhiodh Dughal, mac lain 'Ic-Lachainn
'Cumail ceart na \\-engiììe.
'S e mo laochan, etc.
'S na'm faighinns' air an rail e,
H-ùile car gu Ilugh'-na-h-àirde
(ihabhainn troimh mhonaidhean Fhearnaig.
'S theàrnainn air Gleann-Sanda.
'S e mo laochan, etc.
Ach na'm faiceadh cuid de dhaoine.
Dìreadh ri Bealach-gaoith e,
'S ann a thòisicheadh iad ri ghaodhaich
Gu'm b' e 'n saoghal thall e !
'S e mo laochan, etc.
Sud an t-each 's a bheil an cruadal,
'S a fhuair an t-urram air luaithead :
'S e nach fheumadh dol a bhualadh,
Sguab dha anns a' gheamhradh.
'S e mo laochan, etc.
'N uair a chriochnaich mi mo dhuanag,
Chaidh a h-èisdeachd le duin'-uasal,
'S thuirt e rium na'n rachainn suas,
Gu'm faighinn cuach de bhranndaidh.
'S e mo laochan, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence