Skip to main content

‹‹‹ prev (166)

(168) next ›››

(167)
GHAIDHEALACR.
'S tric luo shùil thar a' cliuain,
Feuch 'd e'n taobh ni thu tighinn ;
'S ged a chi mi gillean òg,
Cha tog bròn bharr mo chridhe.
Air a' ghille, etc.
'S ann am Muile nam beann àrd,
Tho mo ghràdh de na gillean ;
'S ged nach d' thug thu dhomh do làmh,
Do dheoch-slàinte cha tiUinn.
Air a' ghille, etc.
K A N. , /
Le Uilleam Mac-a-Ghobiia. '^
Tiiug mi greis ann an armailt Dheòrsa,
A mach air m' eòlas am measg nan Dù-(jhall ;
Bheir mi nis greis eil' air gòraich',
Air siubhal mòintich a's dìreadh stùc-bheann.
Och mar tha mi 's mi 'siubhal fàsaich,
A's damh na cràioe air cur a chùl rium ;
Nach boohd mo ohàramh 's mi nochd gun fhàrdaich,
'S ged thèid mi 'n àiridh, cha 'n 'eil mo rùn ann !
'S moch an diugh a rinn mi èirigh,
Ach 's moiohe dh'fhoumainn mur bithinn ciìirrta ;
'S e mao na h-èilde, le 'langan èibhinn,
Ag iapraidh cèile, a rlnn mo dhùsgadh.
Och mar tha mi, etc.
Tha mo ohaileag 'dol a phosadh
Fear gun eòlas, le mòran cùinnidh;
'S e dh'fhàg mi deurach i bhi 'g a h-eigheach,
Le lagh na clèire, 'n a ceile ùniaidh.
Och mar tha mi, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence