Skip to main content

‹‹‹ prev (156)

(158) next ›››

(157)
GHAIDHEALACH. 137
Tha 'n inntinn air ghluasad,
A mach thar nan cuantan,
Gu Galldachd 's an uair,
Far am buannaich iad stòras.
'S ann a sheòladh iad thairis
Far robh Fionn o chionn tamuill,
A dh' Eilean na meala,
'S e fearann na h-òige.
Far an cnuasaich iad barrachd
'S a mhaireas ri'm beò dhaibh.
Gheobh iad uachdaran fearainn,
'Chumas suas iad ri 'm maireann,
'G am bi sprèidh agus earras —
Sud barail nan leòmag-.
Urlar.
Tha maighdeanan 's an tìr so
Tha mòrchuiseach,
Tha desseri a dhìth
Air gu leòir aca ;
'S rud anns am bi brìgh,
'Bhios aca le tea ;
Cha 'n èirich iad tràth,
Cha tig e ri 'n càil,
Fuireach anns a' bhlàths,
Sud a chòrdadh riuth'.
'S mòr an t-aobhar truais.
Mar tha cuid de 'n t-sluagh,
Nis air cinntinn suas,
Ann an stròdhalachd.
Fasain bha 's an Fhraing
Air tighinn a nall ;
Bidh Soiree 's an àm,
Air gach còdhail ac'.
Cha dean brochan mèig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence