Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
OBAIN
'S na 'm bithinn-se mar eala bhàn,
'S gu 'm bithinn math air an trsnàmh,
Mu 'n tigeadh moch-thràth Di-màirt,
Bhiodh fhiosam c' àit' an caidilinn.
A ho ro, etc.
'N uair a chruinnioheadh an sgoil-danns'
B' ait leam fhèin na chithinn ann,
Maighdean donn 's oir chrom 'n a ceann,
A' cumail thall a camagan.
A ho ro, etc.
'S bòidheach, sìobhalta do ghnùis,
D' aghaidh mhìn-gheal mar am flùr,
Leig mi dhiom na bh' ann am dhùil,
A's tihagh mi thu, 's cha b'aithreach leam.
A ho ro, etc.
Ged a shiìibhlainn thar an tuinn,
A's fichead bliadhna thoirt air luing,
Bidh tu trio a' tigh'nn am chuimhn',
Le meud na suim a ghabh mi dhiot.
A ho ro, etc.
Dheanainn sgrìobhadh dhuit le peann,
Dheanainn treobhadh dhuit le crann,
Dheanainn sgiobair dhuit air luing,
A chruinneag dhonn nam meall-shuilean.
A ho ro, etc.
Na biodh cùram ort mu d' lòn,
Gheibh mi 'm sgiobair air luing mhòir
S 'n 'uair a thogar a ciiid seòl,
Le m' dheòin oha bhi thu 'd bhanaraich !
A ho ro, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence