Skip to main content

‹‹‹ prev (135)

(137) next ›››

(136)
Cumha
do Shir Tormod Mac Leoid.
Mo chràdhghal bochd
Mar a thà mi nochd
Is mi gun tamh gun fhois gun sunnd.
Gun surd ri stàth
Gun dull ri bhith slàn, 1190
Chaidh mo shiigradh gu bràth air chill.
Chain mo shusbaint a càil,
Fàth mo thìirsaidh gach là,
Is mi sior-ursgeul air gnàths mo ruin.
Mu dheagh mhac Ruairidh nan long, 119s
Lamh liobhraigeadh bhonn,
Is bha measail air fonn luchd-ciuil.
Is e bhith smuainteachadh ort
A chràidh mi am chorp
Is a chnàmh na roisg bho m' shùil. 1200
Mi ri smuaintean bochd truagh
Is ri iomradh baoth buan
Is mi 'gad ionndrainn-sa uam: 's tu b'fhiii,
Ag ionndrainn Leòdach mo ghaoil
Bhith 'san t-sròl-anart chaoil 1205
Gun chomhdach r'a thaobh ach biiird.
O'n la ghlasadh do bheul
Gun deach aire air luchd-theud
An uair sgapadh tu fhein na criiin.
Thog na filidh ort sgeul 1210
Fhad 's a dh'imich an ceum
Nach fhaca iad na b'fheile gnùis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence