Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
Oy
GOBHAINN DUBH NAN SOC.
Chuir Gobhainn Dubh nan Soc a stigh 'ùine ag
ionnsachadh na goibhneachd; ach aig ceann na h-ùine,
cha b' urrainn e ni a bhuineadh do dh' obair goibhne
^ 'dheanamh, ach suic chrann-araidh.
Dh' fhosgail e ceàrdach beagan mhiltean a mach
o Dhùnèideann, agus thòisich e air deanamh shoe.
Anns an am sin bha faidhir a' seasamh uair 's a' mhios
anns a' bhaile, agus cho trie 's a thigeadh i
mu 'n cuairt, rachadh an Gobhainn Dubh dh' a
h-ionnsaidh le 'sheann eaeh ban fein agus cairt
Ian shoe. Agus an deidh dha na suic a reic,
philleadh e dachaidh 'na shuain chadail anns a' chairt,
a' fàgail an t-seann eich bhàin gu bhi deanamh an
rathaid mar a b' fhearr a dh' fhaodadh e.
Air latha araid faidhreach chaidh e mar bu ghnàth
leis do 'n tigh-òsda; agus co a thachair air an sin ach
Gobhainn-an-Righ. Chuir na feara eòlas air a chèile,
agus shuidh iad sios ag òl gus an deachaidh an deoch
'nan einn.
An sin thòisieh a' bhòilich, agus cha'n aidieheadh
an dara fear nach b' e fein gobhainn a b' fhearr na 'm
fear eile. A chur stad air a' chonnsachadh, dh' èirich
Gobhainn-an-Rlgh, agus thubhairt e ris a' Ghobhainn
Dubh: " Cuiridh mise tri cheud marg an geall gu 'n
dean mi roimh 'n ath fhaidhir rud-eigin nach dean rud
air bith a ni thusa roimh 'n am sin a mach." Dh'eirich
an Gobhainn Dubh, agus fhreagair e: " Cuiridh mise

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence