Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
14
FOLK TALES AND FAIRY LORE.
,.^
gu 'n robh am fear, leis an robh an t-àite, 'tighinn
dachaidh, agus a' dol a phòsadh an oidhche sin.
Smuainich i car tiota, ach ciod air bith umhail a chuir
i, ghlèidh i a beachd dhi fein. Fhuair i 'n siosar, am
meuran, agus an t-snàthad, agus chuir i air shiubhal
iad. An ùine ghoirid cha robh duine mu thimchioll
an aite nach d'thainig a dh' fhaicinn nan rudan
iongantach a bh'aig a' bhean an tigh cailleach-nan-
cearc.
Am measg chàich thàinig a' chàraid ùr-phòsda agus
an uair a chunnaic a' bhean òg an acfhuinn fliuaghail
a' falbh leò f«Mn, cha deanadh ni feum leatha, ach am
faotainn dhi fein.
Faodar an còrr innseadh am beagan bhriathar.
Fhuair a' bhean òg an acfhuinn fhuaghail air chumh-
nant gu 'n leigeadh i leis a' bhan-choigreach faire
'dheanamh tri oidhchean an deidh a cheile an soòmar
an duine aice. Ach thug i 'n aire deoch fhàgail aige
a chuir e 'n cadal cho trom 's nach cual' e smid a
thubhairt a' bhan-choigreach ris fad da oidhche. Air
an treas oidhche air do 'n ghiolla 'bu shine aithneach-
adh roimh laimh, gu 'm bi 'mhathair a bh' anns a'
bhan-choigreach, dhòirt e 'n deoch-chadail. agus lion
e 'n cupan le stuth eile. Dh' fhuirich 'athair 'na fhair-
eachadh, agus chual' e 'bhan-choigreach ag radh : "A
Shamhraidh-ri-dealt, nach truagh leat mi, 's gu'n d'
shiubhail mi 'n saoghal ad' dheidh ? " Air ball dh'
aithnich e co a bh' aige. Chaidh banais mhor, fhial-
aidh, aighearach a dheanamh ; agus fhuair a' bhean òg,
a bha, cead fuireachd le 'siosar, a meuran, agus a
snathaid, an tigh cailleach-nan-cearc.
Agus an uair a bha 'bhanais seachad, chuir iad mise
dhachaidh le brògan beaga paipeir air cabhsair
ghloineachan.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence