Skip to main content

‹‹‹ prev (153)

(155) next ›››

(154)
150
sìthne air ; bha e na bhrod sealgair, agus bha e tilgeadh
am pailteas de dh''iomadh seòrs eun : bha e mar an ceudna
dol thun nan creag le slait a's meaghar a mharbhadh
fhliùghaichean, iasg a bha glè phailt air an eirthire
m'an àm sin. Bha Mac-'Ic-Ailein, agus a bhrathair fear
Bha(')sdail gu tric sa' ghleann ga amharc chum conihf hurtachd
a thoirt dha na airc, agus a chianalas a chuir air falbh ;
dh'f hag Mac-'Ic-Ailean mar an cianda da-fhear dheug de a
chuid daoide mu'n Ghleann, a bha ghnà air freiceadan, a'
gabhal fradhairc mara 's tìre.
'Sa'' cheart àm sin, cha robh n'a bu lugha na dèich mìle
fichead pund-Sasunnach air a thairgse le Diùc-Uilleam air
son ceann Thearlaich, gidheadh, cha'n robh an Albainn gu
leir, neach a shanntaich an duais, ach aon duine, agus be
sin lain Caimbeul a Mhaim-Mhòir duin'-uasal de theaghlach
Mhic-Cailein, a bha na fhìr nàmhaid do'n Phrionns''
bho''n chiad latha thainig e air tìr am Mùideart, air dha
■"chluinntinn gu'n do theich am Prionns'' agus a luchd-
leanmhuinn do dh''Irt, dh-fhalbh e le dà long-chogaidh
agus ochd birhnnean làn feachda chum a ghlacadh. ''Nuair
a chunnaic na h-Irtich, an cabhlach a dhùthachadh ri tìr U>*^
dh-fhalaich siad iad-fein ann an uamhannan nan creag agus
ch b^ann gu''n spàirn a fhuair feachd a Chaim-beulaich ''n-an
cainnt ; ach ''duair a fhuair dh-fharraid iad. — " Càit an
i'obh am Prionns\? ''' thuirt na h-Irtich, " nach cual iad
riamh iomradh air a lethid de dhuine, is nach mò chuar iad
facal mu chogadh, ach aon bhoireannach mòr Gallda da''m
b'ainm Mòrag a bha cogadh ri Mac-Leòid, agus gu'n cuar
iad gun do chaill i m'' blar.''''
Feadh sa' dh-fhan Tearlach ann an Uidhist, bha
baintighearna Shir Alasdair Mhic-DhòmhnuiU Shleibhte
''cur phàipeirean-naigheachd da ionnsaidh anns am faigheadh
e naigheachd na rìoghachd, ged^ a b'' ann air taobh an Diùc'
a bha Sir Alasdair fèin. Fa-dheoigh thainig an t-am anns

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence