Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
30
ann am Bàideanach nia thuaiream fichead mìle bho bhraighe
Choire-Ghearraig : agus chuir an naigheach so lain Co})e
ann a leithid do ghiorraig 's gun chuir e-fein agus a chuid
oifigich an comhairr r'a cheile, ciod bu chòir dhaibh a
dheanamh ; agus ciod an t-shlighe air "'m bu chòir dhaibh
triall ? Dh'aontaich iad uile gu'n robh a dhol thar Coire-
ghearraig do-dheanta, agus gun i'obh fuireach far an robh
iad gun tairbh sam bith, a thaobh gum faodadh na Gàeil
ròidean eile ghabhail agus na Machraichean Gallda thoirt
orra; air an aobhar sin se shònraich lain Cope Inbheirneis
a thoirt air, far an robh siiil aig ri prasgan Chaimbeulach,
Rothach, agus Chatach, g''a choinneachadh, agus leis an so,
bha e smuainteachadh nach gabhadh na Gàeil a dhànadas
orra a Mhachair a ghabhail air eagal gu'm fàgadh iad an
Dùthaich fein fo mheachain an nàmhaid. Rainig an
t-iirm-dearg air eigin Inbheirneis air an naoidheamh latha
fìchead de'n mhìos, gun f hois aon latha ghabhail bho'n uair
a dh'fhàg iad Cruidhe.
CAIBIDIL VI.
TUUAS NAN GAEL GU GALLDACHD.
Ann an Gleaini-Fionain far na thog Tearlach a bhratach
air an naoidhamh latha diag de'n mhìos, chaith e-fein agus
a luchd-leanmhuinn dà latha, ri òl agus ri aighear, ri ceol
agus ri dàmhs. Dh' fhalbh e as a sin gu Ceann-Loch-iall
agus chaidil e air òidhche di-h-aoine anns an Fhasadh-
Fheania, agus air dha fios fhaotainn sa' mhadainn gun
tainig Long-chogaidh gu Gearasdan Inbher-Lòchaidh ghabh
e thar a bhealaich thun na Mòidhe, baile beag leis na Cam-
shronaich. Bha e nise faotainn naigheachd gach latha ma
dheil)hinn lan Chope bho shaighdearan Gàelach a bha ruith

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence