Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
34 Ainmean im h-Alha
fhàg iia Crviithuicli sin moran ainmean mar dhileab,
ainmean a tha fhatliast 'na.r linn feiu air an cleaclidadh,
gu li-araidh ainmean nan aibhnichean. B'i barail an
Ollaimh Alasdair MacBheathain nach maireann, àrd-
sgoileir nan Gàidlieal ri latlia, gur ann do na Cuimrich
(no na seann Bhreatannaich) a bhuineadh na Cruithnich,
agus ged nach cuir a h-uile fear aonta ri sin, tlia a' chuid
as mo, agus mi fhein 'nam measg, Ian chinnteach gu robh
e ceart 'na bharail. Tha iomadh ainm againn anns a'
Ghaidhealtachd, gu h-araidh air an taobh sear, nach
urrainn mineachadh a chur air o'n Ghàidhlig, ach a tha
soilleir gu leòir ann an cainnt nan Cuimreach. Mar
eisimpleir faodar a thabhairt am facal sin Peit, a tha ro
chumanta air an taobh sear, a' ciallachadh ' ' cuid
fearainn" no mar tha e gu cumanta air a thioundadh anns
a' Ghàidhlig " baile," no àite-comhnuidh. A rithist, is
e their na Cuimrich ri coille iosal prys, no mar their sinne
preas; ri coille dhliith their iad cardden, mar their sinne
anns an ainm a tha gle chumanta, Cinn-chàrdainn ('s e
sin ri radh, Ceann na Coille), agus Urchardainn (i. Air-
choille no Urchoill) ; ri miadan feurach their iad pawr,
poriant, mar tha againne ann an Porainn ann an Srath-
chonuinn, agus ann an Baile-phùir (Pitfour) agus mar
sin air aghart. Cha'n 'eil am facal monadh ri fhaighinn
idir anns an t-seaun Ghàidhlig, ach tha e aig na
Cuimrich. Na'n leigeadh an iiine learn, dh' fhaodainn
cha mhor na ciadan ainm a' liubhairt a bharrachd
orra sin, a nochdadh cho daingean 's a fhuair an t-seann
chainnt sin greim. Is e b' aobhar cur as di, gu
robh na Gàidheil, a thàinig a Eirinn, na b' ealanta na
na Cruithnich ; b'i a' Ghàidhlig cainnt Chaluim Chille
agus na Cleir air fad, agus an deidh Choinnich Mhic-
Alpain, b'i a' Ghàidhlig cainnt nan righrean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence