Skip to main content

‹‹‹ prev (85)

(87) next ›››

(86)
18 Bàrdachd Ghàidhlig.
[f. ^Ui^) -ùr ì >:,<M-4 Cur sgonn nan teinntean air muin a ehèile
Gun do lasaieh fèithean a bha 'nam dhruim,
Is a h-uile ball dhiom cho dubh a' sealltainn,
Bidh mi 'gam shamhlachadh ris an t-sìiip.
465 Ge mòr an seanchas a bh'aca an Albainn,
Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor;
Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhith 'san tìr.
Ma nìtear bargain chan fhaighear airgiod,
470 Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
(c L^M^ Ma gheibhear cunnradh air feadh nam bùithean
Gum pàighear null e le flùr no ìm.
Chan fhaic mi margadh no latha fèille
No iomain feudalach ann an dròbh,
475 No nì ni feum^huinn am measg a chèile:
Tha an sluagh 'nan èiginn 'sa h-uile dòigh.
Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbheach, dM' ■,' i^
A reic na shealbhaicheas iad an còir; ' " ' odi(rìr^
Bidh fear nam fìachan is cromadh cinn air
480 'Ga chur do'n phrìosan mur dìol e an stòr.
Mun tig na cùisean a tigh na cùirte,
Gun tèid an dùblachadh aig a ' mhòd ;
Tha an lagh ag giùlan o làimh na jury
Gun tèid a spùinneadh 's nach fììi e an còrr.
//Etrltì,- ^l^" 485 Bidh earraid siubhlach air feadh na dìithcha
L.eArva.t,o^ 'Gan ruith le cunntasaibh air an tòir;
Gur mòr mo chùram gun tig e am ionnsaigh :
Cha ghabh e diùltadh 's bidh diubhail oirnn. £e>w,uj«iJ^

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence