Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
16
Cliiial sinn osna aig. Rinn e miodal
ris an duine so. Cliuir iad campar air
4. — Cha'n innis duine maith breug ;
tha gràin aige do'n olc, agus do gach
neach a ni e. Cha chreid neach air
bith a' chlann nacli innis an fhìrinn
Bithidh fuath aig Dìa dhoibh, agus ni
e peanas orra. Na dean breug gu bràth,
agus na claon o'n t-shghe cheart. Na
dean gearan gun aobhar, agus na falbh
maille ri luchd tarcuis.
5.— Cha'n aithne dhomh ainm na
cailin sin, ach tha sluagh ag ràdh gu
bheil i ro leasg. Cha sniomh i aig
an tigh ; cha leugh i san sgoil, agus
cha'n 'eil tlachd aice do ni air bith ach
do chluich. Tha e 'na nàire dhi bhi
diomhain. Cha bhi Dia 'na charaid di,
agus cha'n urrainn dùil a bhi aice ri ni
maith air bith uaith.
6. — Islich thu fèin an làthair Dhè,
agus bheir e gu urram thu. Dean ur-
nuigh ris, agus bheir e dhiut gach ni
tha dhìth ort. Cuir do dhòchas ann,
agus chatrèig e thu ; agus fàg thu fèin
an taice ris, agus cha diobair e thu :
Bheir e dhuit miann do chridhe, agus
aon ni maith chachum e uait.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence