Skip to main content

‹‹‹ prev (134)

(136) next ›››

(135)
EACHDRAIDH lOBEIPH. 131
an altair El-elohe-Israel, agus ràinig iad air an
là sin tobar-nam-mionn, far an do sgaoil e a
bhùth, agus ghabh e mu thàmh an òi'che sin anns
an doire a shuidhich Abraham, agus far am bu
ghnà leis ùrnuighean maidne agus feasgair a
thoirt suas do'n Tighearn a Dhia. An sin thug
lacob, maille r'a theaghlach suas iobairtean do'n
Dia is ro àirde. Agus feuch ! ann an dara faire
na h-oi'che, bha pobull Israeil air a shoillseachadh
le solus mòr neamhaidh, gu mòr ni bu shoilleire
na ghrian aig àird a mheadhon là ; agus chual e
guth nach robh 'na aineol air, ag ràdh, A lacoib,
a lacoib. Fhreagair athair an t-sliochd thaghta.
Tha mi 'n so ! Labhair a Thighearna, tha t-òglach
acluinntinn. Fhreagair an guth, Na biodh eagal
ort, a lacoib, oir is mise do Dhia, Dia t-aithriche
Abrahaim agus Isaaic. Chunnaic mi t-iomaguin
mu thimchioll do chuid cloinne, agus is taitneach
leam do chùram diadhaidh mu ghealladh do Dhe.
Ach, tuig, lacoib, gur e do Dhia a sgar loseph
'bhràithribh chum a dheanamh na athair al-
truim do thigh Israeil. Thug mi dha urram,
saibhreas agus cumhachd, ann an tìr na h-Eiphit
air do shonsa, a lacoib ; chum trid-san gun tear-
uinn mi sluagh mo choi'-cheangail. Na biodh
eagal ort, uime sin, do shliochd a thoirt sìos do'n
Eiphit far a' bheil am pailteas. Tarlaidh do
Dhia, Israeil, riut san ionad sin, oir theid mi
sios leat, agus air do sgàth-sa fìosraichidh mi 'n
Eiphit. An sin ni mi do shliochd lìonmhor, agus
coilionaidh mi gach ni a labhair mi ri Abraham
umpa. 'Nuair a ni mi cinneach mòr dhiot, bheir
mi do ghineil a mach le iongantasaibh agus comh-
arraibh anns na neamhaibh shuas, agiis air an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence