Skip to main content

‹‹‹ prev (130)

(132) next ›››

(131)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 127
caoimhneil mu thimchioll ar slainte o'n chunnaic
e roimhe sinn ; gu sònruichte mu thiomchioll
ar n-athar aosmhoir, ar mnathan agus ar sliochd ;
'an aon fhacal, air leinn gu'n robh na h-uiread
chùram aige dhinn 's ged a b'e ar bràthair e.
Cha'n urrainn duit a smaointeachadh an tlachd
leis an d'amhairc e oirnn, agus an fhàilt a
chuir e air ar bràthair Beniamin. Cha 'n e
mhàin gu'n d'thug e airgiod ar sìl duinn air ais,
ach bu deònach leis am barrachd airgid agus
culaidh aodaich a thoirt do gach fear againn,
agus do Bheniamin thug e tri cheud bonn
airgid agus cùig culaidhean rìomhach, osbari
air gibhte luachmhor dhuitse, a nochdas sinn
duit sa mhadainn am màireach.
Gru ma beannaichte gu'n robh an Tighearna
Dia ! arsa lacob, a thug dhuibh na h-uiread de
dheadh-ghean an sùilibh an duine. Agus
gu'n robh gach caoimhneas a bhuilich e oirbhse,
a mhaca, air an ath-dhìoladh dha a dheich
uiread, le Dia cumhachdach lacoib ! Bu bheag
m' aobhar eagail umads' a Bheniamin ! Bha mo
chridhe air chrith gu'n èireadh dochann duit a
mhic ! agus bha mi am barail nach robh mi
comasach air do chall fhulang. Ach tha fìos
agaibh, a chlann, gu'n robh calldach loseiph 'ga
m' dheanamh ni bu ghioragaiche, na theagamh
a bhithinn. Bha gràdh agam air arson a mhà-
thar ; chunnaic mi mòran taitneachd ann, agus
air leam gu'n robh mi faicinn spiorad fàisneachd
sna bruadair a dh'aithris e dhuinn. G-idheadh
an dèigh nan nithe sin uile, chaidh loseph a
reubadh as a chèile.
Cha deachaidh, athair, a deir Simeon, loseph

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence