Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 105
do'n Eiphit agus ceannaichibh clhuinn beagan
tuille bidh arson an teaghlaich. Theid sinne.
'athair, arsa ludah, ma theid Beniamin leinn ;
ach mar d'thèid cha'n urra dhuinn dol ann : oir
dh' eitich uachdaran na tìre an aghaidh sinn a
dhol ann, mar d'thugamaid ar bràthair a b' òige
leinn ; agus nan d'thugamaid ann e, gu'm biodh
comas againn malairt a dheanamh ann an ear-
rann air bith de'n Eiphit. Smaointich, uime sin,
'athair ! ciod a ni sinn, oir bithidh a chlisge
gainne againn.
Thuirt an duine naomh, 'sa chridhe 'ga fhàsg-
adh le bròn, C'arson a ludaih, a bhuin thu co olc
rium, 's gu'n d'innis thu do uachdaran na tire
gu'n robh bràthair eil' agad, oir 'tha mi tuigsinn
gu'm bu tus' a b' fhear-labhairt do'n iomlan.
Mo thruaighe ! arsa ludah, rinn an duine ar
ceasnachadh gu teann mu thimchioll ar cor. ar
dàimhich, aireamh cloinne ar n-athar ; agus
dh'innis sinn an f hìrinn anns gach ni. Am b' urra
dhuinne fios a bhi againn gu'n iarradh e ar
bràthair oirnn ? Agus ged a bhiodh f hios againn
gu'n abradh e thugaibh a nuas ur brathair d'am
ionnsuidh, cha bhiodh a chridh' againn car no
cealg a dheanamh sa chùis, oir an sin chuirea-
maid corruich air ar Dia ; agus bhiodh mi-thlachd
ort fein arson ar cionta. Ceadaich dhomh a
ràdh, gu bheil m' athair caomh ann am mearachd
a thaobh a churaim mu 'mhac Beniamin. Tha
sinn uile 'nar mic dhuit cho math 'sa tha esan ;
agus na h-uiread chòir againn air do chùram.
Ach tha Simeon 'an geimhlibh an tir chèin, tha
gorta a'bagradh oirnn fèin, air ar mnathan ag-us air
ar cloinn. Cha'n fheud aon ni beatha Shimeoin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence