Skip to main content

‹‹‹ prev (107)

(109) next ›››

(108)
104 EACHDRAIDH lOSEIPH,
neo-chùramach mu mhulad agus mu thrioblaid
athar co urramach, bu mheasa sinn na na brùid-
ean fein. Na cuireadh Israeil cion caomh-iochd
as ar leth, ma dh'aithris sinn tre eiginn an ni bu
mhiann leis a chleth. Air mo shon fein deth,
air leam gu bheil gnùis an uachdarain gu mòr a'
cur an aghaidh a chridhe, m'as ion eagal a bhi
oirnn roimhe. Tha nì-eiginn co gradhach agus
co gaol-thàirneach ann, 's gur e air leam gu'n
earbainn mo bheatha ris. Agus mar dhearbhadh
gur i'n fhìrinn a tha mi labhairt, ma leigeas m'
athair le Beniamin dol leinn, mar gheall sinn,
gu'm fàg mi mo dhà mhac, Hanoch agus Palu
mar gheall na èirig gus am pill e ; agus ma thig
dochair air, dioladh iad air a shon.
Mo thruaighe, a Reubein ! a deir an seann
duine, tha thu labhairt mar dhuine gun fhios-
rachadh. Ged a bhiodh Beniamin air a chall,
cha deanadh bìis mo dhà ogha ach mo lot ni bu
chràitiche. Tha loseph cheana marbh, agus cha
'n 'eil agam a làthair de ghineil Eacheil, ach
Beniamin, arson an d'rinn mi seirbhis rè cheithir
bliadhna deug d'ar sean-athair ; agus nan rach-
adh e maille ribh, 's gu'n tigeadh sgiorradh air
mar thachair air loseph, thigeadh an ceann liath
so agams' a nuas le bròn gun tomhas chum na
h-uaighe. Cha d'theid mo mhac Beniamin sios
maiUe ribh.
Mhothaich an t-athair aosmhor, lacob, gu'n
roch dà-thrian do'n lòn air a chaitheamh, agus
chuir e 'n cuimhne a chuid mac gu'm b 'àm
dhoibh bhi smaointeach' air dol a ris do'n Eiphit,
a dh'f haighinn an tuille, chum nach rachadh as
'doibh le gorta. Rachaibh, a deir e, a chlann,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence