Skip to main content

‹‹‹ prev (105)

(107) next ›››

(106)
102 EACHDRAIDH I08EIPH.
a thoirt bìdh d'a asail, f huair e na thug e dh'
airgiod arson a shìl ann am beul a shaic ; le
ioghnadh m' an chùis, dh'innis e d'a bhràithribh
e. Le shamhuil de iongantas ruidh gach fear
chum a shaic fein gu rannsachadh, agus feuch !
ann am beul a shaic fhuair gach fear 'airgiod
fein gu h-iomlan. Gu tosdach wnaointeachail
dh'amhairc iad air a chèile. Bha fhios aig
gach fear gu'n robh e fein saor o'n chùis ; ach
cha b'urra dha fios a bhi aige mu chàch. Mheas
iad uile gu'n robh làmh Dhe orra chum uilc;
ach cha b'urra dhoibh a smaointeachadh cionnas
a philleadh an cuid airgid. Dhealaich an cadal
riu air an oidhche sin, oir bha fiuthair aca gach
uair gu'n d'thigeadh iad air an tòir, chum an
toirt air an ais chum an uachdarain, Mu
dheire smaointich iad gur foill a chaidh a ghnà-
thachadh orra, chum an riobadh gu bhi nan
tràillean. Agus air dhoibh deadh-fhios a bhi
aca gu'n deanadh an cumail san Eiphit sgrios a
tharruing air tigh lacoib, chuir iad rompa nach
gèilleadh iad mar chladhairean d'an luchd mì-
ruin, agus gu'm b'fhearr leo bàsachadh far an
robh iad, na bhi nan tràillean d' a leithid de
mhealltaireachd, agus gu'n reiceadh iad am
beatha co daor 'sa dh'f haodadh iad. Bha iad a
nis deacair gu'n robh Simeon g'an dì, a chionn
gu'n do dhearbh e a threubhantachd roimhe sin.
Ach bu diomhain an eagal, agus b'fhaoin an
rùin cheannsgalach. Oir thug loseph àithne
dhiomhair d'a àrd fhear-riaghlaidh an airgiod
uile a chur nan soireachaibh fa leth, 's a cheart
riaghailt san d'f huaradh e ; air chor 's nuair a
thainig a' mhadainn. cha robh neach air an tòir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence