Skip to main content

‹‹‹ prev (104)

(106) next ›››

(105)
EACHDRAIDH lOSEIPH. lOi
comasach stad a chur air an reachd a bha na
bhràighe, iillamh gu sileadh o dhà shùil, 'nuair
a chual e cainnt aithreachail a bhràithre ; uime
sin chaidh e leth-taobh do ionad uaigneach, agus
thug e saor chomas do ghluasad dìomhair a
chridhe. Co luath 's a shocraich e thainig e d'
an ionnsuidh, agus labhair e riu mu ghnothaichibh
an tir-dhùthcha, gus an robh an soireachan
làn, 's an do luchdaicheadh an càmhuilean agus
an asailean le sìoh Ach cha robh riamh a
leithid de spàirn eadar fìor-ghliocas agus gràdh
bràthaireil 's a mhothaich loseph na inntinn
iomaguinich. Bha gràdh-bràthaireil 'ga bhrosnach-
adh gu grad fhàilt a chur air a bhràithribh,
ach dh'earalaich fior-ghliocas air gun fhailt a
chur orra gus an dearbhadh e an gradh do
Bheniamin. Bheir crìonnachd buaidh air tog-
radh, far o! bheil giiocas a' riaghladh.
Thachair mar chuir Simeon air a mhanadh,
oir shocraich loseph air gu fuireach mar gheall
e gus am pilleadh càch ; ged a bha e nis an
aghaidh a thoile smuairean a chur ar Simeon, a
chionn gu'n do thuig e gu'n robh aithreachas
air mar rinn e. Ach b' èiginn da fear ac' a
ghleidheadh, no e fein a dheanamh aithnichte
dhoibh ; ni nach fac' e iomchuidh a dheanamh
fhathast. Uime sin cbaidh Simeon a cheangal
nan làthair, agus a thoirt do 'n phriosan ; am
feadh a chaidh càch a mach o loseph agus
dh'imich iad do thìr Chanaain. Cha 'n ann gun
iomachuir chuir air a chèile m' an chruas san
robh iad, agus air an an-iochd do loseph mar
mhàthair-aobhair an iomlain. An uair a ràinig
iad an tigh-òsda, 's a dh'fhosgail Isachar a shac
k3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence