Skip to main content

‹‹‹ prev (234)

(236) next ›››

(235)
7)iar ullacha'dhfa chomhair a Bhàis. 227
no naimhdeas, air an ceadachadh gu dol air an
aghaidh a dh' ionnsuidh a Bhuird naomha. Tha
gach ni san ionad naomha sin a' nochda sìth,
aonachd, agus gràdh. " Ma bheir thu do thabh-
artas chum na h-altaire, agus gu'n cuimhnich
thu an sin gu bheil niairbith aigdo bhràthair
a' d' aghaidh ; fàg do thabhartas an sin an
làthair na h-altaire, agus imich, agusdean rèite
air tùs ri d' bhràthair ; agus an sin thig agus
thoir suasdo thabhartas, Mat. v. 23, 24." Ciod
is ciataiche thig do dhaoinibh agus do Chriosd-
uibh, na an samhuil sin de rììin dhiadhaidh do
àrd Athair nan uile a bhi aca ; taingealachd do
Fhear-saoraidh tròcaireach a chinne-daoine j
agus'seirc agus mathanas do thaobh an iomlain
d'am bràithribh r Nach è so a ghnè bu mhiann
le duine math a bhi aige ? gu h-àraidh nach è
so an siìidheachadh inntinn a bheir urram agus
sìth an deireadh a làithibh ? Nach neo-shocracU
cràiteach a rahothaichear an t-àm cudthromach
sin, ma bhios an inntinn iomaguineach le bhi
cuimhneachadh air ciontai gun mhaitheadh, làn
de f huath, agus de ghamhlas, le cridhe a chuir
cùl ri Dia, agus neo-mothachail air cràbhadh,
san àm san sguabar air falbh è a' fearann nam
beo?
Smuaintichibh air an doigh air an deachaidh
ar Slanuigli'ear beannuichte gu bas, ni a bheir
seirbliis an latha 'n diugh gu sonruichte'n ar
beachd. Chi sibh è, 'am meadhon a chràidh a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence