Skip to main content

‹‹‹ prev (220)

(222) next ›››

(221)
Buanachadh ann an Subhailc. 213
ailc, agus fuathach aii* cionta. Gidheadh, tha na
barailean sin air uairibh goirid air an rùn ; agus
tha an ni is caomh leis aii Fhreasdal air fhàgail
san àm, guu duais iomchuidh.
O a shamhuil sin de roinn neo-chothromaich air
sonas, ciod a tha sinn ri smaoineachadh, ach nach
'eil san riaghailt so ach toiseach, 's nach è an t-
iomlan ; foillseachadh air riaghailt is mò, a tha
r'a criochnachadh ann an saoghal eile ? Ma tha
Dia cheana air socriichadh a righ-chathair chum
breitheanais ; ma tha è gu soiUeir air tòiseachadh
ri duais agus peanas a thoirt seachad, ann an
tomhas eigin air thalamh, cha 'n 'eil a mhiann air
gnàthachadh a riaghluidh fhàgail neo-iomlan.
Air dha stèigh a leagadh air son togail mhòr agus
riomhach, bheir è ann an àm iomchuidli gu crich
è. Tha na tha gun chrìochnachadh anns an
togail, gu soilleir a' nochdadh gu bheil togail an
diaigh 80 san amharc. Tha an t-iomlan de'n
chuid eile da oibribh air an crìochnachadh air a
phodh is iomlaine agus is riaghailtiche. Anns an
t-saoghal nàdurra, tha gach ni gun anabharra
gun uireasbhuidh. 'S ann a thaobh an duine à
mhàin a tha sinn a toirt fainear mi-riaghailt agus-
fàiUne. Tha è goirid air an òrdugh agus air an
iomlaineachd a tha sinn a' faicinn anns a chuid
eile de'n chruthachadh. Cha 'n 'eil è nochdadh,
'na staid 's an àm so, an làa shealladh air gliocas,
ceartas, agus air maitheas iomlan. Ach am faod
sinn a chj-eidsinn, fo riaghladh an Uile-chumhachd-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence