Skip to main content

‹‹‹ prev (157)

(159) next ›››

(158)
150 Mti Dhleasnais na h'Oìgridh,
deagh-bheus, co math " ri saibhreas agus
" urram a* teachd o Dhia.'* As eug'ais a
dheagh-ghean, ga mòr ur n-uaiU as ur tèuchd
fein, cha'n fhearr urcor, na clann bheag, air
am fàgail ann am fàsach nam faoin bheann,
gun neach d'an seoladh, no gun ionad a chum
an dion o'n doineann a tha'giathadh m 'an cuairt
doibh. Cuiribh smachd air an andànadas neo-
stèigheil so. Na bithibh ann am barail gu bheil
è comasach d'ar sonus gun bhi 'an comain an
Dia a chruthaich sibh. Trid creidimh agus
aithreachais, thigibh a dh' ionnsuidh Slanui'f hear
an t-saoghail. Le cràbhadh agus ùrnuigh, iar-
ruibh tearmunn Dia neimhe. Co'-dhunaidh mi
leis na briathraibh dùrachdach sin, leis an tug
Righ mòr an earail dheireannach air a mhac ;
cainntbu chòir do gach neach òg a ghabhail d'a
ìonnsuidh fein, agus an sgrìobhadh air clàr a
chridhe. " Agus thusa a Sholamh, a mhic, biodh
" aithneagad air Dia t-athar, agus dean seirbheis
'^ da le cridhe iomlan, agus le inntinn thoihch :
" oirtha'n Tighearn a' rannsuchadh nan uile
" chridhe, agus a' tuigsinn uile dhealbhadh nan
" smuain : ma dh' iarras tus' easan, gheibhear è
" leat; ach ma thrèigeas tu è, tilgidh è uaith thu
" gu brath. 1 Eachd. xxviii. 9-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence