Skip to main content

‹‹‹ prev (81)

(83) next ›››

(82)
78
Dean trocair oini* Ard Righ is gradhaich sinn saor ;
• 'S og chuir iad gu bas sinn fo dha bhliadhna dh' aois."
(Jhualas caoidh ann Ramali, tlia Rachel ri bron,
Air son a cloinne ghaoil, oir cha d'f haod iad blii beo ;
Tha'n gaoir ann na cluasan, 's tha gruaidhean fo dheoir,
A's Herod ga'm bualadh, gun truas aig do'n oige.
'S tha Eoin Baiste on fhasach, toirt aithne feadh na
duthaich,
*' Deanaibh 'n t-slighe comhnard, tha Rigii na Gloir
dluth ;
" A's deanaibh am peac' a threigsinn, air neo 's ann
theid sibh mugh,
" Oir'smise an teachdaire araidh a thainig roimh ghnuis.
'• Chomhairlich mi Herod, 's dh'eisd e rium gu ciuin,
" Ach air son Herodias, chuir e mi 'm priosan duinute.
" 'S 'nuair rinn a chaih'n dannsa, 's a mheall i e 'sa chuie,
"Fhuair i n'a b'anns a leatha, mo cheann chuir 'san uir.'*
'S an uair chaidh losa cheusadh, 's dh'eirich e le gloir,
Rinn am Mairtearach Stephen, sgeul air gu leoir ;
Le focal na firinn, 's le miorbhuillean mor,
'S le faicinn an Righ, ann an Rioghachd na Gloir.
Ach b'eigin dha an sgeul ud, a sheuladh le fhuil,
*S ann a chlach iad Stephen, 's e 'g eigheacli gun sgur,
" Thoir Icat mi Righ na Gloire, 's tu fein mo dhoigh 's
mo bhun"
'■ 'S thoir maitheanas le trocair, do'n dream tha dortadh
m' fhuil."
Goirid an deidh Stephen chaidh Seumas chuir san uaigh,
S ann le claidheamh Herod, a reub iad e gun truas,
Tha'n Eaglais ag eigheach, " Chaidh Seumas thoirt
uainn,
'S tha Peadar ann sa phriosan, a Righ gabh dhinn
truas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence