Skip to main content

‹‹‹ prev (80)

(82) next ›››

(81)
77
Ach 's ann a rinn iad tair air an f haidhdearachd gu leir, —
" Is thilg iad mi sa phriosan a b'isle bh'aca fein ;
" 'S uair bheathaich iad an ardan, deanamh tair orm
le 'm beul,
" Chlach iad dhMounsuidh bhais mi, is lean iad faidhear
breig."
A's tha Sechariah 'm faidh ag radh ruinn ar is, —
" Am measg sliochd Abraham chaidh mochur gudith , —
" 'S ann eadar an teampuU a's an altair bha mi,
" 'Nuair bhuail iad gu bas mi, 's a thainig mo chrioch."
'S tha eachdraidh tabhairt sgeul duinn gu'n d'eigh cuid
na chloinn,
Ri linn na ^laccabeus, " 's bochd a dh'eirich dhuinn ;
" Air son gu'n d'rinn sinn aicheadh, a ni bha graineil
leinn,
" 'S ann chuir iad gu bas sinn, a mhathair 's a chlann."
'S e sud rinn sliochd Abraliam ri 'n cuid faidhean iein,
Rinn iad am fuil a dhorteadh, 's a leonadh gu leir ; —
Ach an Ti ro ghlormhor, a chumas coir ri threud, —
Thug esan fuil ri ol dliaibh, a's doruinnean do reir.
*Nuair dhuilt iad an Slanaighear 's a bha iad aig an
fheisd,
Thainig na Romanaich le ordugh Mine Dhe',
Mharbh iad, a's chiurr iad, na h-Iudhaich gu leir,
A's loisg' iad Jerusalem, na smuid anns na speur.
Bha miltean do'n t-sluagh sin, na'n cruachan 's iad
marbh,
Na'n luidh air na sraidean, fo chosaibh chaich 's iad
balbh ;
'S am fuigheal chaidh fhagail diubh, thar as air falbh,
Sgap e feadh nan duchau iad, le sgiursadh bha garbh,
*Nuair dh'fhoillsich Immanuel ann an nadur dhaoine,
Bha naoidheanibh Bhetlehem aig eigheach le gaoir ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence