Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
28
Cha bheathaich mo chaoraich-s' air plaosgan gun sta,
'S ri teagasg mi-naomha cha taobh iad gu brath ;
Cha 'n urrain iad bhith beo, mar bhitheas moran deth
chach,
Fo eisdeachd an t-seorsa tha gun eolas air gras.
Cha 'n iarr mo chnid bhuachaillean buanachd dheth 'n
treud,
Na bhith na'n daoine saibhir os cionn oighreachd Dhd ;
Ach le cridheachaibh deonach, dol romhpa anns gach
ceum,
A's ag iarraidh Rigb ca gloir bhi 'gan seoladh na'm
feum.
Na'n cadal, is na'n duisg, 's e 'n curam do gnath,
Bhi neartach nan gluintean tha lubadh gu lar ;
'S na nithean tha bruite bhi 'gan dunadh an aird,
Le leigheasibh as ur thig o ughdair nan gras.
Ach buachaillean gun churam, leig dhiubh bhi ri feum,
'S a sealltuinn mu'n cuairt air son buanachd dhaibh
fein,
Chuir iad fein agus Satan an aird le cheiie
'S ma f huair iadsa an tuarasdal, f huair esan an treud.
Tha m' faidh Esaias dol dan air an cliu,
Buachaillean dall, a's coin bhalbh thubbairt e rin ,
Caidlidh iad samhach, gun eolas gun iul,
'S tabhannaich cha dean iad air beul na air cul.
Tha 'm faidh leremias a ris' cur an geill,
Nach eil buachaillean Israeil dileas do'n treud ;
Leigheas iad gu aotrom gach a%n bha fo chreuchd,
Le sith thoirt do dhaoine gun naomhachd d'a reir.
Tha 'm faidh Eseciel, d'a reir 's mar bha each,
A dearbhadh a' mi bheusan, le reusan no dha ;
Gheall iad, le'm breugan, do'n eucoreach slaint'
'S a h-aon cha robh pilltinn o inntinn a bhais.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence