Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
27
*S 'nuair bhitheas iad thall o na h-uile truaigh,
'S a' cur an geil co thug dhaibh a bhuaidh ;
Cha bhi h-aon nach cuir ris a sheula
Gur ann bha 'n eifeachd am fuil an UAIN.
BUACHAILLEAN ISRAEIL.
'S e thubhairt an t-Ard Bhuachail, tha shuas ann gloir
Dh'fhag mi mo chaoraich ann 'n saoghal nan deoir ;
Cheannuich mise gu daor iad, bha mo ghaol doibh cho
mor,
'S mar bith' gu'n do rinn mi an saoradh cha d'f haod iad
bhi beo.
Nis gheibh iad an durachd mur diult iad dhomh geill,
Gheibh iad buachaillean iulmhor a stiureas an tieud ;
Ni 'm beathachadh an comhnuidh le beo aran o neanih,
'S dhoibh a theagaisgeas eolas air orduighean Dhè.
Aithnichidh sibhs' na buachaillean a fhuair dheth mo
ghras,
'S e 'n toil-inntinn gu buan bhi toirt luaidh air mo bhas.
Cha chunnt iad ach suarach gach cruadai a's cas,
O'n tha'n suil ris an duals o na Bhuachail' is aird'.
Chaidh mo chaoraich-s' air chall air na beanntaibh gu
leir.
*S rinn luchd faire dall moran call air mo threud ;
Ach na buachaillean seolta fhuair eolas uam fein,
Bheir iad dhachaidh do 'm chro iad, le seoladh mo bheul.
'S 'nuair gheibh iad 'sa chro iad, *s e an solas gu leir,
Bhi beathachadh le eolas, gach seors' tha 's an trend ;
Cuid le fior bhainne blath, mar tha an naduir am feum,
A's cuid le baidh laidir, 'nuair dh'fhasas iad treun.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence