Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
138 LAOIDHEAN SPIORADAIL.
Am beachd do shiiilean fiomlilan fein,
Cha 'n eil na rèultan 's airde glan :
'S cha 'n 'eil na h-aingle 's naomha n glòir,
'An lathair do Mhorachd-sa o^un smal.
Ach an dean thu d' isleach' fein,
A dh'èisdeaclid cnuimhe anns an ùir !
Fo' stòl do clios a' gabhail tàmh,
'S nach faic ach sgaile beag do d' ghnuis
Na lasadli d' fhearg Dha nan diil,
Am feadli a dheanam ùrnuigh riut :
'S mo pheacadh aidicheam le nàir,
'S an truailleaclid gliràineil anns' na tliuit.
Mo chiont tha mar na sleibhte mòr :
'Us leon iad mi le iomadh lot :
Ta m' anam boclid le 'n cudtlirom briiit,
'S o m' sliùilibh' fàso-' nan dèura o^oirt.
An comas dut a Dliia nam feart,
Mo shaor gun cheartas chur air ciil !
'S mu sliaorar le do thròcair mi
'M bbeil neach san t-saogh'l a dhiteas tii !
Nach eigin dut mo sgrios gu bràth,
Mur àicheadh thu do cheartas geur !
Le m' chiont a oillteil, 's gann a dh' fhag
Mi iochd, no gTas, a' d' roghainn fein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence