Skip to main content

‹‹‹ prev (487)

(489) next ›››

(488)
468 ORAIN
Sgiobair aii' na caoiltean,
Clio math 'sa bha ri f haotainn,
Sàr chamanaich' air raon thu,
'S air do thaobh-sa cha tilleadh i.
Fhir a' bhroillich chùbhraidh,
Tha d' anail mar na h-ùbhlan,
Do shlios mar eala bhùirn,
'S bu shunndach gach turas leat.
Fhir a' broUlich shoillsich,
Gu dìreadh na staidhre,
Do shùilean mar na daoimein,
Cur soills' anns na h-uinneagan.
Fhir a' broillich ghlè-ghil,
'Choisinn iomadh beum dhomh
Cia mar bhios mi rèidh riut,
'S iad eucorach uile rium?
Fhir a' bhroUlich bhàin-ghil,
Choisinn dhomh-se nàire;
Ma rinn thu mise fhàgail,
Cha 'n fheàirrde mo mhulad e,
Sealgair damh na cròice,
'S an lag am biodh an ceòthan,
'S a' choilich-bhuidhe chrònaiu,
'S an x-òin an cois tuiane, thu.
Ma thèid thu null air fairge,
Le crios nam balla meanbh-bhreac,
Le claidheamh a' chinn aii'gid,
Gu 'n dearbhadh tu buillean leis.
Ma thèid thu nunn a China,
Gu 'm bi na fir ga d' iondrainn,
Gu 'n trèiginnse mo dhùthaich,
A ghiùlan a' ghunna dhuit.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence