Skip to main content

‹‹‹ prev (486)

(488) next ›››

(487)
GHAIDHEALACH. 467
AN DOMHNULLACH URRAMACH.
Seisd. — An Dòrahnullach. Urramach
A dhìreaclli na muUaicliean,
Tha d' fhòghlum cho àrd
'S ged a dh' àraicht' an Lunainn thu.
'S e mo ghaol an t-uasal,
A dhìreas moch na cruachan ;
A ghunna air a' ghuallionn,
'S gur luath a chuid chuileinean.
'S e mo ghràdh an t-àrmun,
A thug Dù'daoin an tràigh air,
Gun òlainn do dheoch-slàinte,
'S e b' fheàrr na bhi muladach.
'S e mo ghaol an t-uasal
A thug an raoii- an cuan air,
'S bidh ioma tè fo ghruamain
Mar buanaich a thuras leis.
'S e mo ghaol an t-òigear,
Is deise 'thèid na bhòtainn;
Gur ioma caileag bhòidheach,
'Bhiodh deònach gu fuireachd leis.
Fhir a' chualain shnìomhain,
Tha ceangailte le sìoda,
Ma thèid thu do na h-Innsean,
Gur mise a bhios muladach.
Fhir a' chualain àluinn,
Thog dhomh-sa diomb mo chàirdean;
An diugh ma rinn thu m' fhàgail
Cha 'n fheàirrde do thuras e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence