Skip to main content

‹‹‹ prev (269)

(271) next ›››

(270)
250 OEAIN
'S tric bha mi 's mo ghràdh,
Ann an sgàil na coille,
Thogadli ise ceòl, —
'S dh-èisdeadh eòin na doii-e.
Hù 0, tha mi tinn !
Chuir iad thu 's an ùii',
Socair, ciùin, a'd' laidhe;
'S mis' cha 'n fhaic mo rùn,
Gus an dùisg mi 'm flaitheas.
Hù o, tha mi tinn !
Bhithiiin-se le m' hiaidh,
Taobh nam bruach 's nan gleannan;
Tha i nis 's an uaigh, —
O, cha ghluais mo leannan !
Hù o, tha mi tinn!
Dhòmh-sa bha mo rùn
Mar reult-iùil mo bheatha,
Thug mi dhi mo ghràdh,
'S dh' fhalbh mo shlàiiite leatha.
Hìi o, tha mi tinn !
*S goù-id bhios mi beò,
'S mi ri bròn a's mulad ;
Riiin do bhàs mo leòn,
'S foghnaidh dliòmh-s' am buill' ud !
Hù o, tha mi tinn!
D'àite-sa 'n am chrìdh',
Nì cha lìon air thalamh;
Ann an tìr an àigh,
Dhòmh-s' cum àite falamli,
Hù o, tha mi tinn.
Dh' fhalbh mo leannan fèin,
'S tha mi deurach, diibhach,
Tha mi 'triall na 'ceum,
Ciod am feum 'bhi 'fuireach?
Hìi o, tha mi tinn !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence