Skip to main content

‹‹‹ prev (221)

(223) next ›››

(222)
202 ORAIN
rhleasgaicli òig a dli' f hàg an dùtliaich,
'S e mo dhùraclid dhuit gu dian,
Turus taitneach 's ruigheachd sàbhaUt,
Dh' ionnsaidh 'n àit' an d' rinn thu triall.
Fàilte dhuit, etc.
Bho 'n a dh' fhàg thu càirdean gaolach,
Tha gach aon fo àmhghar geur;
Tha gach sean a's òg fo mhl-ghean,
A's gach nìonag 'sileadh dheur.
Fàilte dhuit, etc.
Cha 'n fhaicear nis do choin ri mireadh,
Chaoidh cha mheasg iad anns an ruaig.
lad a' donnalaich gu tùrsach,
'S fàth an iondrainn air a' chuan.
Fàilte dhuit, etc.
'N uair a ghlacadh tu do ghunna,
'S lodhainn fhuilteach ;is do dhèigh,
B'fhearail, iollagach do shìnteag,
'Dol na frìth air sealg an fhèidh.
Fàilte dhuit, etc.
'S tric 's a' mhadainn leis a' pheileir,
Leag thu 'n eilid air an tom ;
'N coileach dubh air slios na mòintich,
Agus ròn air bluirr nan tonn.
Fàilte dhuit. etc.
'S tu bha aoidheil 'measg nan gaisgeach,
Oigear gasda nam f ear fial ;
Cridhe mòr an com an uasail —
Ort bu shixarach a bhi crion.
Fàilte dhuit, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence