Skip to main content

‹‹‹ prev (220)

(222) next ›››

(221)
GHAIDHEALACH.
'S na ma tig, &c. — Hà, ho-ro, &c.
Thug i 'm balg 's an robh do chuid mine leath',
Hà, ho-ro, Maol-Euainidh !
Thug i 'm balg, àc. — Hà, ho-ro, &c.
Thug i chuach 's an robh do chuid ime leath'.
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidli !
Thug i chuach, &c. — Hà, ho-ro, &c.
Thug i chearc a bh' air an ii'is leath',
Hà, bo-ro. Maol-Ruainidh !
Thug i 'chearc, &c. — Hà, ho-ro, &c.
'S ciod e, ghaoil, a bhiodh tu 'su-eadh orm —
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidli !
Ciod e, ghaoil, &c. — Hà, ho-ro, &c.
'S nach 'eil ìm, no ciath, no min agam ì
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh !
'S nach 'eil im, &c. — Hà, ho-ro, &c.
Gheobh thu bainne na bà druimf hinn bhuam,
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh !
Gheobh thu bainne, &c. — Hà, ho-ro, &c.
Gheobh thu ciath, a's iasg, a's sithionn bhuam ;
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh !
Gheobh thu ciath, &c. — Hà, ho-ro, &c.
Gheobh thu gKui, a's mùh-n, a's mire bhuam,
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh !
Gheobh thu glùn, &c. — Hà, ho-ro, &c.
'S tiugainn leam do'n t-Sìthein urad ud,
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh !
'S tiugainn leam, &c. — Hà, ho-ro, &c.
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh GhlLiiueachain,
Hà, ho-ro, Maol-Ruainidh !
FAILTE DHUIT A'S SLAINTE LEAT.
Seisd — Fàilte dhuit, a's slàinte leat!
'S i 'n fhàilte chuirinn às do dhèigh —
FàUte dhuit a's slàinte leat.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence